Cùis Èiginn: Cuir fòn air 999 agus iarr am Poileas agus an Sgioba teasargainn

Sgioba Teasargainn an Òbain

Fàilte gu Oban MRT

Nuair a bhios sibh ann an èis, tha sinn ann airson ur cobhair. Tha Sgioba Teasargainn an Òbain a' toirt taic èiginneach dhaibh-san a tha ann an èis air feadh talamh garbh Earra-Ghàidheal agus seachad air a chrìochan. Tha na saor-thoilich sònraichte againn ri làimh 24/7, 365 latha sa bhliadhna, airson freagairt air cùisean-èiginneach air talamh cho dùbhlanach sa tha ann an Alba.

Co sinn?

'S e sgioba èasgaidh a th' unnainn a tha mion-eòlach air sàbhailteachd agus teasargainn nam beann. Nar measg tha luchd-coiseachd, sreapadairean agus daoine dàna de gach seòrsa a tha deiseil airson ur cuideachadh. Le taic bhuaibh, faodaidh sinn cumail oirnn a' sabhaladh bheathannan agus a' cur ri sàbhailteachd air a' bhlàr a-muigh.

Dè nì sinn?

Freagairt Èiginneach

Taic sa bhad airson daoine a tha air call, air an goirteachadh, air neo a tha stuicte ann an àitean iomallach.

Sàbhailteachd Coimhearsnachd

A' cur ri cleachdaidhean sàbhailte aig tachartasan coimhearsnachd ionadail.

Co-obrachadh

Ag obair còmhla ri buidhnean ionadail gus sàbhailteachd a bhrosnachadh air a' bhlàr a-muigh.

Mar a dh'fhaodas sibh cuideachadh

Thoir tabhartas dhuinn: Nì gach sgillinn diofar.

Sgaoil am facal: Sgaoil fios mun lèirsinn againn agus comhairle sàbhailteachd am measg a' choimhearsnachd agaibh.

Lean sinn air na meadhanan sòisealta: Cùm an-àrd leis na tha an sgioba air a bhith ris - bho threànadh, fios mu cùisean teasargainn, tachartasan coimhearsnachd agus fiosrachadh sàbhailteachd. 

'S e an taic agaibh-se a chumas a' dol sinn. Còmhla, nì sinn cinnteach gu bheil na beanntan nas sàbhailte dhuinn uile.